Loch Seaforth a' seòladh a-rithist

Loch Seaforth Image copyright CMAL

Tha am bàt'-aiseig an Loch Seaforth a bhris sìos ann am meadhan a' Chuain Sgìth feasgar Diciadain a nise a' dèanamh a slighe a dh'Ulapul a-rthisit.

B'fheudar bàtaichean-teasairginn Loch an Inbhir is Steòrnabhagh a dhol na cois nuair a bha trioblaidean aice le einnseanan.

Bha trì cheud, dà fhichead duine 's a trì air bòrd, a' gabhail a-steach criutha a' bhàta nuair a stad i.

Siostam Fuarachaidh

Thathas a' tuigsinn gur e duilgheadas a bh' ann le siostaman fuarachaidh nan einnseanan, ach le aon einnsean fhuair i steach gu port Steòrnabhagh mu 4f.

Thuirt luchd-siubhal a bha air bòrd, gun deach fiosrachadh a chumail riutha, 's bha iad a' faighinn tè is cofaidh an asgaidh fhad's a bha iad aig muir.

Sheòl an Loch Seaforth oidhche chiadain a' deanamh air Ulapul.