Planaichean 'son ospadail ùir san Aghaidh Mhòir

Chaidh cead-dealbhachaidh iarraidh airson ospadal ùr a thogail anns an Aghaidh Mhòir.

Bhiodh an t-ospadal, le 24 leabaidh ann, a' tabhainn grunn sheirbheisean slàinte eile ann an co-bhonn ri sgiobaidhean slàinte san sgìre.

Tha dùil a thogail air talamh gu deas air seann ionad fòn sa Phàirc Theicneòlais anns a' bhaile.

Thuirt Georgia Haire bho NHS na Gàidhealtachd gun robh seo a' nochdadh gun robh na planaichean aca air ìre adhartach a ruighinn agus gun robh iad an dòchas gun soirbhicheadh leotha le cead-dealbhachaidh fhaighinn.