Rùnaire a' Ghnothachais an Cataibh

A'Mhoine Image copyright Ian Shiell/Geograph
Image caption Tha na planaichean ag amas air a' Mhòine faisg air Tunga a leasachadh.

Tha Rùnaire Gnothachais na Rìoghachd Aonaichte, Greg Clark, ann an Cataibh a' tadhal air far a bheileas airson a' chiad phort-fànais san dùthaich fhosgladh.

Thug an Riaghaltas £2.5m do dh' Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson an leithid a stèidheachadh faisg air Tunga.

Tha HIE air a ràdh roimhe gun cosgadh am pròiseact mu £17m.

Tha dùil gum b' urrainn 40 cosnadh ùr a bhith an lùib an leasachaidh.

Dh'innis Buidheann Fànais na Rìoghachd Aonaichte gur e sgìre na Mòine ann an Duthaich MhicAoidh an t-àite as fheàrr airson an leithid a stèidheachadh.

Tha riochdairean bho na companaidhean Lockheed Martin agus Orbex, a bhios a' togail cuid dhan uidheamachd a bhios a dhìth aig an làraich, a thuilleadh air riochdairean bho Bhuidheann Fànais na Rìoghachd Aonaichte còmhla ri Rùnaire a' Ghnothachais ann an Cataibh.