Dearbhadh air gealltanasan Gàidhlig

Coinneamh
Image caption Iain Swinney còmhla ri Shona NicIllinnein is Ailean Dòmhnallach bho Bhòrd na Gàidhlig.

Chaidh sreath de ghealltanasan a thaobh na Gàidhlig a dhearbhadh gu h-oifigeil aig coinneimh Diardaoin eadar Bòrd na Gàidhlig is Riaghaltas na h-Alba.

Bha Leas-phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, air a bheil dleasdanas airson na Gàidhlig, sa chathair aig a' choinneimh ann am Peairt.

Thuirt Mgr Sweeney gu bheil na gealltanasan a' sealltainn gu bheil farsaingeachd de bhuidhnean poblach ann an Alba a' cur taic ris a' Ghàidhlig.

Am measg nan gealltanasan a th' ann, tha gun toir Ùghdarras Theisteanas na h-Alba, Foghlam Alba, Stòrlann, riochdairean bho Lìonra nan Ùghdarrasan Ionadail Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba taic do sgoiltean ann a bhith a' neartachadh a' churraicealaim airson Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile.

Leasachadh

Bidh iad ag amas air barrachd Theisteanasan Nàiseanta a thabhann tron Ghàidhlig.

Le e-Sgoil air soirbheachadh gu mòr, tha Comhairle nan Eilean Siar a' dol a thoirt cothrom air ionnsachadh is foghlam na Gàidhlig tron sgeama dhan a h-uile ùghdarras ionadail ann an Alba.

Thathas a' gealltainn cuideachd gun obraich Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba còmhla gus cothroman a chruthachadh agus taic a thoirt seachad aig ìre na coimhearsnachd anns na h-Eileanan Siar.

Bidh cuideachd MG Alba is Bòrd na Gàidhlig ag obair còmhla gus làrach LearnGaelic a leasachadh, is foillsichidh MG Alba stuthan Gàidhlig air YouTube.

Nì Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean rannsachadh ùr air 'An Àite a th' aig Cànan is Cultar na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach is Coimhearsnachd', is stèidhichidh Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig buidheann-obrach gus beachdachadh air an aithisg, "Margaidh-obrach na Gàidhlig - Am Fiosrachadh Dearbhte", a chaidh fhoillseachadh as t-samhradh.

Leudachadh

Chaidh a dhearbhadh cuideachd gum foillsich VisitAlba a' chiad ro-innleachd turasachd Ghàidhlig airson Alba as t-fhoghar.

Tha a' bhuidheann air cur romhpa gum bi àite nas motha aig a' Ghàidhlig ann an gnìomhachas na turasachd, is feadhainn air an càineadh roimhe airson cho beag feum a rinn iad den chànan.

"Tha sinn a' cur fàilte mhòr air na geallaidhean seo", thuirt Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach.

"Tha iad mar chomharra air mar a thathar a' faicinn taghadh farsaing de bhuidhnean poblach a' toirt barrachd taice do chànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba. Chan eil Gàidhlig air an iomall tuilleadh thoradh tha muinntir na dùthcha a' toirt an aire do na buannachdan cultarach, foghlaim agus eaconamach a thig bhon chànan.

"Cuidichidh na geallaidhean seo gu mòr leis na h-amasan a th' againn sa Phlana Cànain Nàiseanta Ghàidhlig airson 2018-2023", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile