Gealltanasan bhuidhnean poblach dhan Ghàidhlig
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gealltanasan bhuidhnean poblach dhan Ghàidhlig

9 An Lùnasdal 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh sreath de ghealltanasan a-thaobh na Gàidhlig a dhearbhadh gu h-oifigeil aig coinneimh eadar Bòrd na Gàidhlig is Riaghaltas na h-Alba Diardaoin.

Bha Leas-phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, air a bheil dleasdanas airson na Gàidhlig sa chathair ann am Peairt.

Am measg nan gealltanasan ris an do chur diofar bhuidhnean poblach nàiseanta, 's e gum bithear a' neartachadh a' churraicealaim airson Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre na h-àrd-sgoile.