Luchd-obrach chiad chobhair san Eilean Sgitheanach
- Air fhoillseachadh

Bidh luchd first responder a' dèanamh cobhair air daoine mus tig carbad-eiridinn
Cumaidh Seirbheis nan Carbadan-eiridinn seiseanan-fiosrachaidh anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Ratharsaigh an ath-sheachdainn 's iad a' sireadh luchd-cuideachaidh First Responder.
Bidh an fheadhainn seo a' dèanamh cobhair air daoine ann an èiginn mus nochd carbad-eiridinn.
Feumaidh daoine aig a bheil ùidh anns an obair a bha co-dhiù 18 bliadhna de dh'aois, fut agus le sgilean math conaltraidh.
Feumaidh iad cuideachd a bhith stòlda ma thig orra dèiligeadh ri suidheachaidhean èiginneach.
Bidh seisean ann an Talla Coimhearsnachd Ratharsaigh Diardaoin, an 23mh là den Lùnasdal, eadar 12:30f agus 15:00f.
Bidh seisean eile ann feasgar anns an t-seòmar là ann an Ospadal an Ath-Leathainn eadar 19:00f agus 21:00f.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh