Coimisean na Croitearachd a' cur an cùl ri clàradh talamh ionaltraidh

  • Air fhoillseachadh
Uibhist a DeasTùs an deilbh, Hazel Smith

Cha bhi Coimisean na Croitearachd an sàs tuilleadh ann an obair gus talamh ionaltraidh nan croitearan a chlàradh.

Chaidh aontachadh aig coinneamh de bhòrd a' Choimisein gun robh ionmhas na buidhne ro ghann airson an obair a dhèanamh, agus gum b' fheàrr leòtha a chosg air prìomhachasan eile.

Nuair a chaidh Achd na Croitearachd a stèidheachadh ann an 2010, bha an riaghaltas airson 's gum biodh clàr soilleir a' sealltainn cò bu lèis a bha an talamh anns gach baile croitearachd air feadh na dùthcha.

Adhbhar Connspaid

Bha iad a' toirt £100,000 gach bliadhna dhan a' Choimisean airson a' chlàir eadar 2012 agus 2016, ach cha deach ach mu thrian dhen obair a dhèanamh anns an àm sin agus tha e air a bhith na adhbhar connspaid am-measg chroitearan.

Tha mì-chinnt ann fiùs am measg an fheadhainn a chaidh a chlàradh a bheil e mar bu mhiann leis na croitearan agus a-rèir fhear dhe na Coimiseanairean, Iain MacÌomhair, tha a' bhuidheann ag obair gus freagairt fhaighinn air na trioblaidean sin, gu h-àraidh son daoine a tha, mar eisimpleir, a' feuchainn ri taighean a reic.

An t-uamhas mì-chinnt

Bha e ag ràdh: "S e iarrtas a bh' ann a bhiodh duilich a choileanadh sa chiad àite, oir tha an t-uamhas mì-chinnt am measg chroitearan, am measg bhailtean agus an t-airgid a chaidh a thoirt seachad - cha robh gu leòr ann son dèiligeadh leis an oidhirp a dh'fheumadh a chur ann.

"Thathas a nis a' faicinn far an deach mearachdan a dhèanamh nach eil glè fhurasta a chur ceart mar a tha an lagh air a stèidheachadh.

"'S ged a chaidh iad an clàradh son cuid, chan eil e mar bu mhiann leotha agus mus tèid tòiseachadh coimhead air feadhainn eile, bhiodh e math cùisean a dhèanamh nas fheàrr" thuirt Mgr MacÌomhair.

Bidh e an urra a-nis ri gach baile croitearachd a bheil iad airson an talamh ionaltraidh a chlàradh, 's cha tèid bacadh orra, ach chan eil cuideam orra bhon a' Choimisean sin a dhèanamh.