Mapa de sgudal tràghad

  • Air fhoillseachadh
Sgudal tràghadTùs an deilbh, ScRAPBook/UKCAP

Tha mapa ùr ga fhoillseachadh Dimàirt a nochdas na tha de phlastaig agus de sgudal a' truailleadh costa na h-Alba.

'S e Scrapbook an t-ainm a th' air a' phròiseact agus thathas an dòchas gum bi e na chuideachadh do dhaoine nuair a thig e gu bhith a' glanadh thràighean na dùthcha.

Thairis air na dhà no trì mhìosan mu dheireadh, tha pìleatan air a bhith a' sgèith thairis air pàirtean de chosta Thìr-Mòr na h-Alba agus iad a' togail dhealbhan ann an àitichean far a bheil iad a' faicinn sgudail.

Chaidh àireamh eadar aonan agus còig a chur mu choinneimh gach deilbh a rèir cho follaiseach 's a tha an sgudal.

Tha na dealbhan a-nis rim faicinn air mapa Scrapbook far a bheil e comasach do dhuine sam bith an sgrùdadh.

Tha trì buidhnean carthannais air cùlaibh a' phròiseict, agus tha iad an dòchas gum brosnaich e daoine gus sgudal a chruinneachadh anns na h-àitichean a tha feumach air.