Feum air dithis cheannardan sgoile
- Air fhoillseachadh

Tha dà sgoil air a' Ghàidhealtachd a tha fhathast às aonais cheannaird às dèidh làithean saora an t-Samhraidh.
'S ann aig Acadamaidh Alanais agus Àrd-Sgoil Gheàrrloch a tha na dreuchdan bàna.
Ro na làithean saora rinn clann ann an Àrd-Sgoil Gheàrrloch bhideo airson fios a sgaoileadh gun robh iad a' coimhead airson ceannaird agus leas-cheannaird.
Bha iad cho soirbheachail air an eadar-lìon is gun robh màthair Andy Mhoirich, Judy Mhoireach, a' toirt taic dhaibh.
Fhuair an sgoil leas-cheannard ùr, fear Stiùbhart Caddell, ach tha feum fhathast air ceannard.
Thuirt Mgr Caddell gu bheil Geàrrloch uabhasach snòg agus gu bheil a' choimhearsnachd air fàd air fàilte a chur air.
Tha mu 120 duine-cloinne san sgoil.
Tha barrachd air 400 duine-cloinne ann an Acadamaidh Alanais, agus gheibh iad togalach ùr an ceann dà bhliadhna.
Thuirt neach-labhairt airson na sgoile gu bheil dreuchd a' cheannaird uabhasach cudromach dhan sgoil agus dhan sgìre mun cuairt, agus gun cuireadh iad fàilte gu sònraichte air tagraichean le Gàidhlig.
'S e an 6mh là den t-Sultain an ceann-là airson tagradh a chur a-steach airson nan dreuchdan.