Ceistean a' leantainn mu chìs air luchd-turais

  • Air fhoillseachadh
An StòrrTùs an deilbh, Urras an Taobh Sear
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an t-Eilean Sgitheanach am-measg nan àitean a tha a' tàladh nam mìltean mòra luchd-turais

Cha robh guth air cìs air luchd-turais ann am Prògram Reachdais Riaghaltas na h-Alba Dimàirt.

Bha beachd ann gun tigeadh dearbhadh bhon Riaghaltas am biodh gus nach biodh cead aig ùghdarrasan ionadail cìs a chur an sàs.

Tha deasbad air a bhith a' leantainn fad mhìosan air am bu chòir leithid de chìs a bhith ann, a thogadh airgead dha seirbheisean poblach agus bun-structar.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle Baile Dhùn Èideann roimhe gun cuireadh iadsan taic ri gluasad dha leithid.

Tha dragh air Caidreachas nan Gnìomhachasan Beaga air a' Ghàidhealtachd ge-tà gum faodadh cìs cron a dhèanamh air turasachd.

Air a' cheann thall ge-tà, cha tug am Prìomh Mhinistear guth idir air a' chùis Dimàirt.

Thathas a' tuigsinn gu bheil ceistean mòra aig an Riaghaltas mun ghnothach is nach eil dùil ri gluasad aig an ìre seo.