Iomairt sàbhailteachd air na rathaidean
- Published
image copyrightPoileas Alba
Tha iomairt sàbhailteachd a' dol air adhart air rathaidean an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse.
Thòisich an iomairt aig Poileas Alba Diluain is leanaidh e gu Didòmhnaich.
Dh'innis na Poilis gun do ghlac iad càr a bha a' siubhal aig 70msu ann an sgìre 40msu air a' chiad là den iomairt.
Bidh càraichean poilis comharraichte agus neo-chomharraichte an lùib na h-iomairt.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh