Siostam ùr uisge anns na Hearadh
- Air fhoillseachadh

Tha muinntir Ghobhaig agus Huisinis ann an Ceann a Tuath na Hearadh a' faighinn cothrom Dimàirt faighinn a-mach mu shiostam ùr uisge a bhios aca.
Tha trioblaid air a bhith anns an sgìre leis an uisge fad bhliadhnaichean, gu h-àraidh tro mhìosan an t-samhraidh.
Dh'fhàg sin gun robh feum uaireannan air uisge a thoirt a-steach dhan àite.
Thathas an dòchas gun cuir leasachadh ùr aig Uisge na h-Alba cùisean ceart ann an cuid de na bailtean.
Tha a' bhuidheann an-dràsta a' deasachadh airson cead-dealbhachaidh iarraidh bho Chomhairle nan Eilean Siar.
Gheibh am poball cothrom sùil a thoirt air na planaichean Dimàirt aig Gateway Huisinis eadar 10.30m is 2.30f, is ann an Oifis Urras Cheann a Tuath na Hearadh air an Tairbeart eadar 4.00f is 7.30f.
Tàmailteach
Ach ged a bhios buannachd dha cuid de na bailtean, cha bhi airson leithid Amhuinn Suidhe, far a bheil feum aig an t-sluagh air na siostaman uisge aca fhèin a bhith aca.
Bha plana aig Uisge na h-Alba roimhe siostam nas motha a chur an sàs eadar an Tairbeart is Huisinis.
Chaidh sin a tharraing.
"Bha sinn gu math tàmailteach gun deach na planaichean airson an sgeama sin cho fada mus deach co-dhùnadh aig a' mhionaid mu dheireadh nach robh an sgeama a' dol air adhart", thuirt Cathraiche Urras Cheann a Tuath na Hearadh, Calum MacAoidh.
"Ach tha an sgeama seo gu bhith na bhuannachd, gu h-àraidh dha na bailtean a th' aig ceann shìos an rathaid.
"Tha mi a' smaoineachadh aig an àm a tha seo gur e seo dìreach an sgeama as fheàrr a gheibh sinn", thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 22 Am Màrt 2017
- 30 Am Màrt 2017