"Dachaidh Ball-coise nam Ban"

Sgioba na h-Alba Image copyright SNS

Dh'innis BBC Alba gu bheil iad air aonta ùr a ruighinn airson gheamaichean ball-coise nam ban a chraoladh.

'S e aonta trì bliadhna a bhios ann is thèid a h-uile geama farpaiseach aig an sgioba nàiseanta aig an taigh a shealltainn beò.

Thèid cuideachd geamaichean na h-Alba aig Cupa na Cruinne ann an 2019 a chraoladh beò air BBC Alba, is an sgioba air àite a ghlèidheadh san fharpais airson a' chiad uair.

A bharrachd air sin, bidh co-dhiù sia geamannan aig ìre nan clubaichean air an craoladh, nam measg Cuairt Dheireannach Cupa nam Ban SSE agus Cuairt Dheireannach Cupa an SWPL.

Bidh cuideachd iomairt Glasgow City ann an Champions League nam Ban 2018 ri faicinn.

Fàs

Thuirt BBC Alba gu bheil an t-seanail "na dhachaigh airson Ball-coise nam Ban".

"'S e cothrom air leth a tha seo airson na seanail", thuirt Stiùiriche Ro-innleachd is Co-bhanntachd MG ALBA , Iseabail Nic an t-Sagairt.

"Anns na 10 bliadhna de BhBC ALBA, tha sinn air sealltainn ann an spòrs eile ciamar as urrainn do dh'ùrlar free-to-air nàiseanta a bhith a' taisbeanadh spòrs a tha a' sìor fhàs agus aig an aon àm a' toirt a' Ghàidhlig - uaireannan airson a' chiad uair - chun luchd-amhairc.

Thuirt Vivienne NicLabhrainn bho Chomann Ball-Coise nam Ban ann an Alba gu bheil geama nam ban a' sìor fhàs is gu bheil an t-aonta seo na chomharra air sin.

Bidh an naidheachd na spionnadh dha BBC Alba, a tha am-bliadhna air cùmhnant airson gheamaichean rugbaidh am Pro14 a chall.

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile