Dràibhearan air an cur an greim

  • Air fhoillseachadh
Deoch is iuchairTùs an deilbh, Thinkstock

Dh'innis Poileas Alba gun deach deichnear a chur an greim air a' Ghàidhealtachd air an deireadh-sheachdain co-cheangailte ri a bhith a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe.

Thuirt iad gun robh cùisean ann air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Thuirt na Poilis gun tèid aithisgean a chur gu Neach-casaid a' Chrùin an ceartuair.

Tha iad ag ràdh gu bheil an gnothach na bristeadh-dùil mòr.

Casg

"Tha sinn tric a' sgaoileadh fiosrachaidh mu cho cunnartach 's a tha dràibheadh fo bhuaidh na dibhe", thuirt an Inspeactor Neil Lumsden.

"Tha e na bhriseadh-dùil mar sin gu bheil cuid ann nach eil fhathast ag èisteachd. Bheir deoch-làidir buaidh mhòr air comasan dràibhidh dhaoine is mar as urrainn dhaibh dèiligeadh ri suidheachaidhean a dh'fhaodadh tighinn am bàrr air an rathad", thuirt e.

Thuirt an Inspeactor Neil Lumsden gum bu chòir dùil a bhith aig feadhainn a bhios a' dràibheadh fo bhuaidh na dibhe ri casg dràibhidh is clàr eucoir.

Dh'iarr e cuideachd air feadhainn le fiosrachadh mu dhaoine a tha dràibheadh às dèidh dhaibh a bhith ag òl fios a chur air na Poilis.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh