Dòigh-obrach ùr aig NHS nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh

Bidh cothrom aig euslaintich anns na h-Eileanan an Iar ceangal bhideo a chleachdadh bho seo a-mach airson coinneamh a bhith aca le cuid de dhotairean air Tìr-Mòr, gun na h-Eileanan fhàgail.
Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar an dùil gum bi seo gu math nas fhasa do dh'euslaintich le tinneasan fala.
Bu chòir cuideachd gun sàbhail e airgead do sheirbheis na slàinte, leis nach bi aca ri uimhir a chur a-mach air cosgaisean siubhail.
'S i Sine NicChoinnich a' chiad euslainteach a dh'fheuch an doigh-obrach ùr, agus i fhèin ann an rùm ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh, agus an dòtair ann an ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Buannachdan
"Tha e tòrr nas fhasa", thuirt Sìne.
"Nuair a bhithinn a' falbh gu Tìr-Mòr, bha mi ag èirigh aig 6.30 sa mhadainn is plèana a' falbh aig 8.30.
"Bha làthaichean is chan fhaighinn dhachaigh gu 7.00 air an oidhche.
"'S e seo as fheàrr", thuirt i.
Thuirt Sìne, a bha i fhin ag obair ann an seirbheis na slàinte, gu bheil i den bheachd gun gabhadh an goireas seo a leudachadh gu seirbheisean eile.