Fear a' nochdadh sa chùirt às dèidh mar a chaidh crann-craolaidh a shreap
- Air fhoillseachadh
Bha na seirbheisean èiginn an làthair
Tha dùil gun nochd fireannach sa chùirt Diciadain às dèidh mar a chaidh crann-craolaidh anns an Eilean Dubh a dhìreadh.
Chuir seo maill air seirbheisean rèidio ionadail air feadh a' chinn a tuath.
Chaidh luchd-conaltraidh poilis agus na seirbheisean èiginn eile a-mach gu crann-craolaidh Mounteagle madainn Dhimàirt, 's aithrisean gu robh fireannach air an tùr.
Tha mullach a' chruinn 800 troigh os cionn na talmhainn.
Thàinig an duine sìos gu sàbhailte.