Tuath-gaoithe coimhearsnachd Uibhist a Tuath

Thuirt a' bhuidheann a th' air cùl phlanaichean airson tuath-gaoithe coimhearsnachd a thogail ann an Uibhist a Tuath gu bheil cùisean a' dol gu math dhaibh 's iad a' reic earrannan sa phròiseact.

Bha trioblaidean mòra aig a' phròiseact fad bhliadhnaichean le Ministrealachd an Dìon a' cur na aghaidh 's dragh orra mun bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith aige air ràdar - ach chaidh sin a rèiteach aig a' cheann-thall.

Cosgaidh an sgeama, anns am bi dà chrann-gaoithe, còrr air £2m uile gu lèir.

Earrannan

Tha cothrom air a bhith aig daoine earrannan a thogail sa phròiseact bho dheireadh a' Ghiblin, agus thuirt oifigear-leasachaidh a' phròiseict, Anndra Ros, gu bheil sin air a dhol gu math dhaibh thuige seo.

Bha iad an dòchas co-dhiù £350,000 a thogail le bhith a' reic earrannan, agus tha iad mar-thà air 75% dhen sin a thogail.

Thuirt Mgr Ros gu bheil mu 150 duine air airgead a chur ris an sgeama, agus gur ann às an àite fhèin a tha mòran dhiubh sin.

Tha dùil gun tòisich an obair-togail air a' gheamhradh seo, neo às t-earrach an ath-bhliadhna, agus gum bi e deiseil, agus a' cosnadh airgid, as t-samhradh 2019.