Clò ùr a' comharrachadh tubaist na h-Iolaire

Clò na h-Iolaire Image copyright Kenneth MacKenzie Ltd

Tha Muillinn MhicChoinnich ann an Steòrnabhagh air clò ùr a chruthachadh a tha a' comharrachadh gu bheil 100 bliadhna ann bho thachair tubaist na h-Iolaire.

Chaidh còrr is 200 duine a bh' air bòrd an t-soithich a bhàthadh nuair a chaidh am bàta air na creagan aig Biastan Huilm.

Thachair seo air Là na Bliadhn' Ùire ann an 1919 agus seòladairean a' tilleadh bhon Chiad Chogadh.

Tha Muillinn MhicChoinnich air 300 meatar fhighe agus thathar dìreach a' feitheamh gus obair crìochnachaidh a dhèanamh air sa mhuillinn.

Thathar dòchasach gun tèid a reic sa mhuillinn fhèin.

Tha dùil ri sreath thachartasan nas fhaide air adhart am bliadhna a' comharrachadh na tubaiste - tè de na tubaistean mara a bu mhiosa a-riamh ann an uisgeachan na Rìoghachd Aonaichte.

Tha Muilinn Clò MhicChoinnich ann an Steòrnabhagh air clò ùr a dhealbhachadh a' comharrachadh ceud bliadhna bho thachair tubaist an 'Iolaire' far an deach còrr is dà cheud a bhàthadh agus iad a tilleadh dhachaidh as deidh a' Chiad Chogaidh. Tha trì cheud meatar dhan a chlò aca air fhighe agus tha e a'feitheamh ri obair criochnachaidh as a mhuilinn. Tha iad an dochas gun teid a reic as a mhuilinn fhèin. Àrd-stiùiriche na muilne, Ailig Lockerbie...