Dachaigh-cùraim ùr ceum nas fhaisge
- Air fhoillseachadh

Tha dachaigh-cùraim ùr ann an Steòrnabhagh ceum nas fhaisge is cead-dealbhachaidh a-nise ga shireadh.
'S ann air fearann air Rathad Pherceval faisg air Tuathanas Chnoc nan Gobhar sa bhaile a bhios an dachaigh, le àite ann airson 52 neach, feadhainn le dementia nam measg.
Bidh cuideachd 50 flat ann do dhaoine as urrainn fuireach leotha fhèin ach le taic ann dhaibh.
A bharrachd air sin, bhiodh 76 aonadan ùra ann airson cur ri taigheadas sòisealta ann an Steòrnabhagh.
Rachadh an goireas ùr an àite dachannan-cùraim Dun Eisdean is Dun Berisay.
'S e co-bhanntachd a th' ann eadar Comhairle nan Eilean Siar, Buidheann Taigheadais Innse Gall agus Cùram is Slàinte nan Eilean Siar.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh