Dragh mu throimh-chèile aiseig is turasachd
- Air fhoillseachadh

Tha buidheann turasachd anns na h-Eileanan an Iar ag ràdh gu bheil troimhe-chèile air na h-aiseagan a' fàgail cheistean mòra mu fhàs sa ghnìomhachas anns an àm ri teachd.
Tha iad ag ràdh cuideachd gum bu chòir do Riaghaltas na h-Alba airgead-dìolaidh a thoirt do bhuidhnean is companaidhean air an tàinig call ri linn thrioblaiodean aiseig.
Nochd na draghan bho Bhuidheann Turasachd Innse Gall (OHT) is an MV Hebrides air a bhith na tàmh fad trì là an t-seachdain seo air sgàth thrioblaidean teicnigeach.
Tha i a-nise air ais ann an seirbheis.
Bha troimhe-chèile air lìonra ChalMac sa Ghiblean is an MV Clansman a-mach à seirbheis fad grunn sheachdainean, is connspaid san Lùnasdal nuair a bhrist an MV Loch Seaforth sìos is i air an t-slighe eadar Ulapul is Steòrnabhagh.
Cosgais
Thuirt Buidheann Turasachd Innse Gall gu bheil seusan na turasachd a' tighinn gu ceann mar a thòisich e le troimhe-chèile le seirbheisean aiseig.
Dh'innis iad gu bheil iad den bheachd gun do chosg na trioblaidean a bh' ann tràth air an t-samhradh mu £6m dha na h-Eileanan an Iar.
Bhon uairsin, thuirt iad, tha trioblaidean a bharrachd air fàgail nach eil cuid de luchd-turais air tighinn dha na h-Eileanan mar a bha dùil aca.
Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil ceistean ann a-nise mun bhuaidh air turasachd anns na h-Eileanan an Iar anns na bliadhnaichean ri teachd.
"Feumaidh Riaghaltas na h-Alba airgead a chosg gus lìonra ChalMac a neartachadh, ach bu chòir dhaibh cuideachd airgead-dìolaidh a thoirt do bhuidhnean ionadail, agus airgead a chur ri sanasachd airson earbsa luchd-turais anns an sgìre againn a chosnadh às ùr", thuirt cathraiche an OHT, Iain Fordham.
"Tha seo air bualadh air gnìomhachas na turasachd chan ann a-mhain a thaobh an t-samhraidh seo, ach a thaobh fàs san àm ri teachd", thuirt e.
Plana
Dh'iarr Mgr Fordham air an Riaghaltas bruidhinn ri gnìomhachas na turasachd anns na h-Eileanan, is plana gnìomh a dhealbh.
Thuirt fear-labhairt bho Chòmhdail Alba gun deach còrr is £1bn a chosg air seirbheisean aiseig air a' chosta an iar bho 2007, a' gabhail a-steach an MV Loch Seaforth is obair-leasachaidh air na cidheachan an Ulapul is Steòrnabhagh.
Thuirt e gu bheilear a' cosg airgid air bàtaichean ùra is bun-structar nan aiseagan, is gu bheilear a' coimhead ri mar a ghabhas seirbheisean nan Eilean Siar a leasachadh.
Thuirt e gur e briseadh-dùil a th' ann gu bheil dàil air an dà aiseag ùr, ach gu bheil e cudromach gum bi dà aiseag ùr, air an togail ann an Alba, a' tighinn a-steach gu seirbheis.