Ionad an Òbain gus dùnadh

Ròn

Tha e air tighinn am bàrr gun dùin Ionad nam Beathaichean Mara faisg air an Òban.

Dh'fhosgail an t-ionad, a tha leis a' bhuidhinn Merlin Entertainments, ann an 1979.

Tha e coltach gu bheil àireamhan luchd-tadhail air tuiteam anns na bliadhnaichean mu dheireadh, is gu bheil an goireas feumach air leasachadh.

Ann am brath air na meadhanan-sòisealta, thuirt an t-ionad gur e tàmailt mhòr a tha seo dhaibh, is gun robh iad air an ceum a ghabhail às dèidh dhaibh coimhead ris a h-uile roghainn eile a bh' ann.

Dùinidh an t-ionad aig deireadh na Dàmhair.

Thathas a' tuigsinn gu bheil còmhraidhean a' leantainn leis an luchd-obrach, is 11 duine ann an cunnart an cosnadh a chall.

Tha obair cuideachd gus tòiseachadh gus dachaidhean ùra fhaighinn dha na beathaichean ann an ionadan mara eile san Rìoghachd Aonaichte.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile