Là mòr san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh
Caol Àcainn a bhuannaich Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch AillseTùs an deilbh, Skye & Lochalsh FC
Fo-thiotal an deilbh,
Caol Àcainn a bhuannaich Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse 2017

Tha luchd-leantainn a' bhuill-choise ann an Alba air eòlas a chur air an heileacoptair anns na bliadhnaichean mu dheireadh.

Le rèisean airson tiotalan a' dol dhan là mu dheireadh, tha cupanan air a bhith air an sgèith mun cuairt na rìoghachd.

Bruidhnnidh luchd-taic Rangers fhathast mu Helicopter Sunday.

Dha luchd-leantainn Chowdenbeath, bha fuaim an heileacoptair cho binn is gun deach leabhar a sgrìobhadh mu dheidhinn.

Iongantach

Cha bhi feum buileach air heileacoptair san Eilean Sgitheanach Disathairne, ach tha rèis aca a tha nas iongantaich na dad sam bith a chuir na rotairean gu dol ann an àiteachan eile.

Aona chuairt de gheamaichean lìge air fhàgail is dìreach dà phuing eadar na ceithir sgiobaidhean aig mullach na lìge.

Mura h-eil sin fhèin math gu leòr, tha na sgiobaidhean gus cluich an aghaidh a chèile Disathairne.

Bidh Slèite is an Srath an aghaidh Mhalaig, is uairsin dìreach shìos an rathad, Caol Àcainn an aghaidh Juniors Phort Rìgh.

Tha làmh an uachdair a-nise aig Juniors Phort Rìgh.

Rinn na Juniors an gnothach 4-2 air Slèite is an Srath Diciadain, gan cur puing air thoiseach air Malaig is Caol Àcainn is dà phuing air thoiseach air Slèite fhèin.

'S iad na Juniors mar sin an aon sgioba a tha cinnteach às a' ghnothach; ma nì iad a' chùis bidh an lìog aca.

Teann

Tha cùisean sìmplidh gu leòr dha na trì eile cuideachd ge-tà, feumaidh iad feuchainn ri buannachadh is a bhith an dòchas gun tèid cùisean nam fàbhar sa gheama eile.

Dh'fhaodadh suidheachaidhean a bhith ann fhathast far an crìochnaich a dhà de na sgiobaidhean co-ionnan aig a' mhullach, rud a dh'fhàgadh gum biodh feum air play-off.

Cluichidh Slèite is Malaig aig 2.30f is Caol Àcainn is Juniors Phort Rìgh aig 5f.

Le dràma mar seo, cò tha a' cur feum air heileacoptair co-dhìu?

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh