Toll ionmhais Comhairle na Gàidhealtachd
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Comhairle na Gaidhealtachd planaichean a dheasachadh airson dèiligeadh ris an easbhaidh a tha iad an dùil a bhios orra thairis air an ath-thrì bliadhna.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil coltas ann am gum bi toll de £66.7m sa bhuidseat aca eadar 2019 is 2022.
Tha sin stèidhichte air na tha iad a' sùileachadh de dh' airgead bhon Riaghaltas, agus na bhios aca ri phàigheadh do luchd-obrach.
Thuirt a' Chomhairle gu bheil iad mar-thà air sàbhalaidhean de £102.1 a dhèanamh 'son nam bliadhnaichean eadar 2013/14 is 2018/19.
"Ann an Alba, chanainn gur e na h-ùghdarrasan ionadail as motha a tha air fulaing san roinn phoblaich a thaobh ghearraidhean nar maoineachadh", thuirt ceannard a' bhuidseit, an Comh. Alasdair MacFhionghain.
"Ged nach eil cinnt idir ann mun àm ri teachd, le a bhith a' cur romhainn gum bi toll de £66.7m nar buidseat, faodaidh sinn ullachadh tràth a dhèanamh agus planaichean atharrachadh mar a tha fiosrachadh ùr a' nochdadh", thuirt e.
Thuirt Mgr MacFhionghain gu bheil e follaiseach gu bheil "co-dhùnaidhean gu math doirbh" ron Chomhairle.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 15 An Gearran 2018
- 19 Am Faoilleach 2018
- 19 An t-Ògmhios 2015