Clàr foghair BBC ALBA air fhoillseachadh

  • Air fhoillseachadh
FuncTùs an deilbh, BBC Alba
Fo-thiotal an deilbh,
Bidh cleasaichean ùra a' nochdadh air a phrògram comadaidh ùr, Func.

Tha prògram comadaidh ùr agus naidheachdan seachd là san t-seachdain am-measg na chaidh fhoillseachadh ann an clàr foghair BBC ALBA.

'S e an fheadhainn a bh' air cùlaibh a' phrògraim Still Game a chruthaich an comadaidh Gàidhlig air a bheil Func.

Bidh An Là cuideachd ri fhaicinn Disathairne agus Là na Sàbaid airson a' chiad uair air an t-seanail.

Am-measg eile, thèid craoladh bhall-coise nam ban ann an Alba a leudachadh, an dà chuid aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.

Chaidh seo ainmeachadh agus BBC ALBA a' comharrachadh 10 bliadhna bho chaidh an t-seanail a stèidheachadh.

Soirbheachail

"Nam biodh tu a' coimhead air na pàipearan-naideachd nuair a chaidh an t-seanail a chuir air dòigh, bha iad ag ràdh "Channel set-up to fail" agus cha do dh'fhàilig an t-seanail idir," thuirt Stiùiriche Ro-innleachd agus Co-bhanntachd MG Alba, Iseabail Nic an t-Sagairt.

"Tha i air a bhith soirbheachail a thaobh luchd-coimhead, a thaobh doras chun na Gàidhlig agus còrr 's 10% de shluagh na h-Alba a' coimhead na seanail," thuirt i.

A thaobh chlàr an fhoghair, thuirt i gu bheil rudan ann a thogas inntinn tòrr dhaoine.

"Bidh sinn a' dèanamh comadaidh briste airson a' chiad uair air an t-seanail. Tha e mar sgàthan oirnn fhèin 's e rud beag cunnartach, rud beag mhì-mhodhail 's tha mi an dòchas gun còrd e ri daoine.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e ceum mòr eile a th' ann dhan t-seanail gum bi sinn a' faicinn naidheachdan seachd là san t-seachdain. Tha e uabhasach cudromach mar shamhla a thaobh na tha a dhìth airson a bhith a' riochdachadh bheatha làitheil ar luchd-coimhead.

"Agus leis gu bheil sinn gu bhith a' sealltainn barrachd gheamaichean ann am ball-coise nam ban 's e ceum cudromach a th'ann an sin ann a bhith mar dhoras chun na Gàidhlig.

Am-measg eile chaidh cuideachd innse gum bi am prògram dràma Bannan a' tilleadh airson sreath eile.