Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Sultain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Vince Cable

Thuirt ceannard nan Liberalach Dheamocratach, Sir Vince Cable, gun seas e an dàrna taobh aon uair 's gun tèid Brexit a rèiteach neo an stad. Ann an òraid sa mhadainn, thuirt e gu bheil e ag amas air na Lib Deamaich atharrachadh mar phàrtaidh fhosgailte a bheir ballrachd do dhaoine à pàrtaidhean eile. Thuirt e gun cuireadh e fàilte air ceannard ùr, bho thaobh a-muigh saoghal poileataigeach, ach gu bheil gu leòr aige fhèin ri dhèanamh fhathast mus fhalbh e.

An t-Àrd Ruigh

Tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh mu thachartas le gunna anns An Àrd Ruigh an-raoir anns an deach duine a mharbhadh. Chaidh poilis armaichte gu Gartness Drive anns a' bhaile goirid an dèidh ochd uairean. Fhuair iad duine an sin, air fhìor dhroch ghoirteachadh, agus a chaochail goirid an dèidh sin.

Poilis

Tha Poileas Alba a' dèanamh dheuchainn air sgeama ùr far a bheil teagamh ann mu shlàinte inntin nuair a thèid an gairm a-mach gu èiginn. Bidh iad ag obair còmhla ri paramedics air an sgeama ann an Glaschu far an tèid iad còmhla gu cùisean èiginn far am faodadh ceist a bhith ann mu shlàinte inntin.

British Airways

Gheall British Airways airgead-dìolaidh do luchd-cleachdaidh air an deach buaidh a thoirt le fiosrachadh pearsanta a chaidh a dhìth. Chaidh bristeadh a-staigh air siostam compiutair BA agus chaidh fiosrachadh mu chairtean-creidis agus seòlaidhean cha mhòr 400,000 duine a ghoid.

Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd planaichean ullachadh mu choinneimh toll sa bhuidseat a dh' fhaodadh a bhith cho mòr ri £67m thairis air trì bliadhna. Tha an tomhas sin stèidhichte air dè an t-airgead a dh' fhaodadh tighinn bho Riaghltas na h-Alba agus am pàigheadh a thèid aontachadh do luchd-obrach na comhairle. Thuirt ceannard buidseit an ùghdarrais, Alister MacFhionghain, gum feum iad tòiseachadh tràth ag ullachadh airson cho-dhùnaidhean doirbh.

Taighean-beaga

Thèid sùil a thoirt a-rithist aig coinneimh san t-Samhain air plana Comhairle na Gàidhealtachd airson cha mhòr 30 de thaighean-beaga poblach a dhùnadh. Chaidh athchuinge an aghaidh a' phlana, le còrr 's 20,000 ainm orra, a thoirt dhan chomhairle an-dè agus dh' aidich comhairlichean gun do rinn iad mearachdan anns a' phlana.

Tuath-gaoithe

Tha an tuath-gaoithe as motha aig muir ann an Alba, faisg air Obar Dheathain, a' fosgladh gu h-oifigeil an-diugh. Chosg am pròiseact, a bhoineas dhan chompanaidh às an t-Suain, Vattenfall, £300m.