Sgrùdadh nam mucan-mara

Muc-mhara Image copyright WDC

Tha buidheann ann an Inbhir Nis a' sireadh taic a' phobaill gus faighinn a-mach carson a chaidh na h-uidhir de mhucan-mara a lorg marbh air tràighean na Gàidhealtachd is nan Eilean bho chionn ghoirid.

Bho thoiseach an Lùnasdail, fhuaireadh co-dhiù 37 mucan-mara marbh air tràighean air a' chosta an iar, a bharrachd air feadhainn eile ann an Èirinn.

'S iad mucan-mara a bhios a' fuireach domhainn anns an uisge a bh' anns a' mhòr-chuid dhiubh.

Bha na closaich uile a' grodadh is coltas ann gun robh iad air a bhith marbh aig muir 'son grunn làithean.

Thuirt a' bhuidheann SMASS ann an Inbhir Nis gun deach barrachd mhucan-mara a lorg marbh sa mhìos seo chaidh na fhuaireadh anns na deich bliadhna mu dheireadh.

Tha a' bhuidheann ag iarraidh dhealbhan agus fiosrachaidh bhon phoball gus an cuideachadh leis an rannsachadh aca.

Thuirt iad mar as motha fiosrachadh a gheibh iad mun a h-uile cùis ann, 's ann a bhios cothrom nas fheàrr aca dearbhadh dè dìreach a thug bàs dha na mucan-mara.