Bratach Thiriodh

Bratach Thiriodh Image copyright Philip Tibbetts

Chaidh bratach ùr Thiriodh fhoillseachadh san eilean aig an deireadh-sheachdain.

'S e bratach uaine a th' ann leis a' ghrèine air a dhèanamh à eòrna sa mheadhan.

Bha na Tiristich air farpais a chur air dòigh às dèidh dhaibh cur romhpa brathach a bhith aca.

Chaidh còrr 's 250 moladh a chur a-steach bho air feadh an t-saoghail.

Air a' cheann thall ge-tà, 's e fear às an eilean fhèin, Dòmhnall Camshron à Sgairinis, a bhuannaich.

Chuir ceò maill air cùisean aig an deireadh-sheachdain is dàil air pleanaichean air an robh Mgr Camshron is Philip Tibbetts bho Oifis a' Mhorair Lìomhainn a' siubhail.

Toileachas

Ràinig iad air a' cheann thall is coltas ann gu bheil na Tiristich air an doigh leis a' bhrataich aca.

"Tha mi a' smaointinn gur e siomball a th' ann 'son an eilein agus bidh sinn ga ùisigeadh airson mòran de ghnothaichean", thuirt Iain MacFhionghain, a th' air comataidh na brataich.

"Tha sinn airson is gum bi daoine ga aithneachadh às bith càite am faic iad e is gun tuig iad gur e bratach Thiriodh a th' ann", thuirt e.

Is tha plana aig fear eile den chomataidh, Lachaidh MacIlleDhuinn, airson na brataich mar-thà.

"Tha na h-eileanan eile, na coimhearsnachdan shuas, na Barraich is na h-Uibhistich, tha brataich aca, is tha iad ag innse dhomh gu bheil bratach Bharraigh air a' bhàt'-aiseig", thuirt Lachaidh.

"Tha deagh theans gum bi cothrom againne a' bhratach againn a chur air a' bhàta againn cuideachd", thuirt e.

Chìthear aithris mun bhrataich air An Là air BBC Alba oidhche Luain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo