Dragh mu shiognailean fòn-làimhe

Fòn-làimhe

Sheall rannsachadh ùr nach eil siognail fòn-làimhe idir air còrr is 1,500 mìle de rathaidean air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan.

Fhuair an rannsachadh aig an RAC gur i sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd as miosa san Rìoghachd Aonaichte a thaobh shiognailean fòn-làimhe is 910 mìle de rathaidean ann far nach eil siognail idir.

Bha Earra-Ghàidheal is Bòd san treas àite le 388 mìle is na h-Eileanan an Iar san ochdamh àite le 207 mìle.

Thuirt an RAC gur e adhbhar dragh a tha seo.

"'S ann nuair a tha daoine ann an suidheachadh cunnartach, nuair a tha an càr aca air briseadh sìos can, 's ann as motha a tha iad a' cur feum air fòn-làimhe", thuirt Philip Gomm bhon RAC.

"Tha an rannsachadh seo a' sealltainn nach eil siognail idir aig gin de na ceithir companaidhean mòra ann an tòrr phàirtean den Ghàidhealtachd.

"Thathas a' bruidhinn air 3G, 4G is fiù 's 5G, ach tha ann iomadach ceàrnaidh den Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, chuireadh sinn fàilte air G sam bith", thuirt e.