Argamaid airson an dàrna bàt'-aiseig

Loch Seaforth

Thuirt Ball Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gun tog e an argamaid airson an dàrna bàt'-aiseig eadar Ulapul agus Steòrnabhagh le Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse.

Gheall Mgr Wheelhouse gun tèid e dhan na h-eileanan a chluinntin mu thrioblaid nan seirbeisean aiseig air an t-samhradh seo agus gnìomhachas turasachd nan Eilean Siar ag ràdh gun do chaill iad £6m ri linn.

Thuirt Maighstir Allan: "Tha mise air a bhith ag ràdh thairis air na mìosan a chaidh seachad gu bheil feum ann, mar eisimpleir, airson bàta eile anns an àm ri teachd eadar Ulapul agus Steòrnabhagh.

"Tha mi a' smaoineachadh gum bi an argamaid sin a' fàs."

Thuirt e gu bheil e an dòchas gun tèid coinneamh a chumail mu aiseagan a dh'aithghearr agus gun dh'aontaich Maighstir Wheelhouse a dhol dha na h-eileanan.