Iarrtas mu chòirichean Oighreachd a' Chrùin

Leòdhas
Image caption Chaidh Oighreachd a' Chrùin Alba a' chruthachadh ann an 2017 nuair a thàinig na cumhachdan 'son na buidhne do dh'Alba.

Tha am ball-pàrlamaid Albannach, Andy Wightman, ag iarraidh gum bi na còirichean air cladaichean is grunnd na mara air a thoirt do dh'ùghdarrasan ionadail.

Tha Mgr Wightman air a bhith ri a' strì airson siostam fearainn na h-Alba atharrachadh fad bhliadhnaichean.

An-dràsta, 's ann le Oighreachd a' Chrùin a tha na còirichean.

Chaidh dleasdanasan na buidhne sin ann an Alba a thoirt do Riaghaltas na h-Alba an-uiridh agus tha iad fhathast a' deasbad ciamar a gheibh na coimhearsnachdan ionadail buannachd ceart às.

Chaidh Oighreachd a' Chrùin Alba a chruthachadh ann an 2017 nuair a thàinig na cumhachdan 'son na buidhne do dh'Alba.

Aig an àm, chaidh a ràdh gur e suidheachadh eadar-amail a bhiodh ann.

Cumhachdan

Bha dùil gun tigeadh na cumhachdan aig a' cheann thall do na coimhearsnachdan ionadail.

Tha Bile Oigreachd a' Chrùin a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta.

Beachdachaidh Comataidh na h-Àrainneachd, Blàthachadh na Cruinne agus Ath-leasachaidh Fearainn air a' bhile aig an dàrna ìre an ath-sheachdain.

Mar phàirt den deasbad sin, tha am Ball-pàrlamaid Uaine, Andy Wightman, air atharrachadh foirmeil a chur air adhart.

Tha Mgr Wightman, a sgrìobh an leabhar 'Who Owns Scotland', airson cuir às do chòirichean nuair a thig e gu na cladaichean agus grunnd na mara, agus an toirt do na h-ùghdarrasan ionadail neo ùghdarrasan cala.

Beachdachaidh a' chomataidh air a' chùis agus bidh tuilleadh chothroman aig buill-phàrlamaid atharrachaidhean eile a chur air adhart nuair a thèid am bile tron làn phàrlamaid anns na mìosan a tha roimhainn.