Meirle an Giogha

Thaigh-òsta Ghiogha Image copyright Gordon Hatton / Geograph

Dhearbh na Poilis gu bheil iad a' rannsachadh mar a chaidh suim airgid a dhìth bho Thaigh-òsta Ghiogha.

Tha e coltach gur e seo a' chiad eucoir de a leithid san eilean airson mòran bhliadhnaichean.

Thuirt an fheadhainn a tha a' ruith an taigh-òsta às leth na coimhearsnachd gun robh mu £2000 a dhìth nuair a dh'fhosgail iad madainn Didòmhnaich.

"Tha e sgrathail gu bheil na gnothaichean seo a' tachairt an seo a-nise", thuirt fear de mhuinntir an eilein, Uilleam MacSporran.

Glas

"S e an rud mu dheireadh mar seo a chuimhnich mi gun deach baidhseagal a dhìth bho chionn mu 20 bliadhna nuair a bha a' bhùth aig mo bhràthair.

"Tha na dorsan againn fosgailte an seo ach glasaidh sinn an doras a-nise, chanainn gum bi e ciallach do dhaoine na dorsan aca a ghlasadh a-nise", thuirt e.

Thuirt Poileas Alba gun deach airgead a ghoid bho stòr an taigh-òsta eadar 10:00f. oidhche Shathairne is 1:00m. Didòmhnaich.

Dh'iarr iad air duine sam bith le fiosrachadh mun chùis fios a chur air a' Chonstabal Dàibhidh Hope ann an Stèisean nam Poileas ann an Ceann Loch Chille Chiarain, air neo air Crimestoppers air 0800 555 111.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile