Bail' Ùr an t-Slèibh a' togail Cupa na Camanachd

Bail' Ùr an t-Slèibh
Image caption Seo an 33mh turas a tha Bail' Ùr an t-Slèibh air Cupa na Camanachd a thogail.

'S e Bail' Ùr an t-Slèibh a bhuannaich Cupa na Camanachd 2018 sa chuairt dheireannaich anns an Òban.

Bha latha mòr ann aig Pàirce Mossfield Disathairne eadar Lòbhat agus Baile Ùir an t-Slèibh.

Bha gach sgioba a' faireachdainn misneachail air thoiseach air a' gheama agus gach sgioba a' dèanamh math anns a' Phrìomh Lìog am bliadhna.

Bha Baile Ùr an t-Slèibh a' faireachdainn nas misneachaile builleach ge-tà - agus iad air an gnothach a dhèanamh air Lòbhat an-uiridh gus an dearbh chupa a thoirt dhachaigh a Bhàideanach.

Agus 's ann gu ruige Bàideanach a tha Cupa na Camanachd a' tilleadh oidhche Shathairne - às dèidh dhan Bhail' Ùr an gnothach a dhèanamh air Lòbhat trì tadhal gu neoni.

Frionasach

'S ann car frionasach, riaslach a thòisich an geam eadòrra.

Ach le beagan agus leth-uair air a' ghleoc a thàinig a chiad tadhail dhan a' Bhail Ùir bho Evan Menzies.

Deich mionaidean às dèidh sin, chuir Gleann Mac an t-Tòisich am ball a-staigh eadar na puist.

Cha robh ach mionaid ann an uairsin gus an do nochd Evan Menzies a-rithist gus an treasamh tadhail fhaiginn do sgioba Bhàideanaich.

Cha mhòr nach robh an geama deiseil aig leth-ùine.

Prìseil

Bha cothrom no dhà ann do Lòbhat anns an dàrna leth ge-tà, ach cha do chuir gin de na h-oidhirpean cus uallach air fear-glèidhidh a' Bhaile Ùir.

A' bruidhinn ri sgioba BBC Spòrs às dèidh a' gheama, thuirt Ian Robinson a tha 19 agus a tha a' cluich dhan Bhail' Ùir gur e rud air leth priseil a th'ann dha a bhith mar phàirt de sgioba a th'air Cupa na Camanachd a ghlèidheadh 'son an dàrna bliadhna an sreath a chèile.

"'S e rudeigin a th' ann a tha a h-uile duine a tha a' cluich iomain ag iarraidh. Airson dà fhaighinn mar-thà, 's e rud cho math a th'ann", thuirt e.

'S e seo an treasamh turas deug thar fhichead a tha Baile Ùr an t-Slèibh air Cupa na Camanachd a thogail ann an eachdraidh na sgioba.