Fàilte air co-chomhairle cìs turasachd

Soidhne rathaid Image copyright Getty Images
Image caption Tha cuid ag ràdh gum faodadh cìs turasachd de not no dhà gach oidhche na milleanan notaichean a thogail airson bun-structar a leasachadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air fàilte a chur air an naidheachd gum bi co-chomhairle ann a thaobh cìs-turasachd a stèidheachadh.

Dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear a' cho-chomhairle Diluain.

A' bruidhinn aig co-labhairt turasachd ann an Dùn Èideann, thuirt Nicola Sturgeon gum bi co-chomhairle ann a thaobh cìs turasachd.

Thuirt i gur e cothrom a bhios ann coimhead gu mionaideach air argamaidean airson agus an aghaidh cìs den leithid.

Bun-structar

Tha cuid ag ràdh gum faodadh cìs de not no dhà gach oidhche na milleanan notaichean a thogail airson bun-structar a leasachadh.

Ach tha ceist air feadhainn eile nach biodh luchd-turais cho deònach tadhal air Alba.

Chuir Fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban, fàilte mhòr air an naidheachd gum bi co-chomhairle ann.

Thuirt e gu bheil e cho cudromach sa ghabhas a-nise gun toir daoine seachad am beachd mun chùis.