Feumar cuantan Albannach barrachd dìon

An Cuan Sgìth Image copyright Getty Images
Image caption Tha pailteas de chreutairean mara ann an uisgeachan a'chost an iar.

Chaidh còrr agus cairteal de na diofar sheòrsaichean mhucan-mara, leumadairean agus pèileagan san t-saoghal a chlàradh ann an cuantan chost an iar na h-Alba.

Tha Urras Mhucan-mara agus Leumaidearan Innse Gall a' foillseachadh mapa-mara den rannsachadh aca sna 15 bliadhna a dh' fhalbh.

Tha iad ag ràdh gu bheil uisgeachan a' chost an iar airidh air barrachd dìon leis cho cudromach 's a tha iad a thaobh bì-iomadachd.

'S ann sna h-uisgeachan seo a tha na h-aon orcan sa Rìoghachd Aonaichte a tha a' fuireach ann fad na bliadhna.

Bì-iomadachd

Tha costaichean fada sgiathach, sruthan làidir, caochladh àrainn agus buaidh Sruth a' Chamais (Gulf Stream) uile a' cur ri beartas bì-iomadachd na sgìre.

Gu siar air na h-Eileanan Siar tha lag domhainn fon uisge air a bheil an Rockall Trough.

'S e slighe cuain a th' ann do mhucan-mara mar mhucan-mara gorma, agus don fheadhainn a bhios a' dàibheadh gu domhainn leithid mucan-mara spùtach.

Silurian

Seo a' chiad turas a dh' fhoillsich Urras Mhucan-mara agus Leumadairean Innse Gall mapa de na mamalan agus creutairean eile a chunnacas ann an uisgeachan a' chost an iar thairis air 15 bliadhna.

Tha luchd-saidheans na buidhne-cathrannais agus daoine a tha ag obair dhaibh gu saor-thoileach air siubhail còrr agus 100,000 cilemeatair air bord a' bhàta-siùil, Silurian, san ùine sin.

Tha an obair rannsachaidh air an toirt a Hiort agus bho Cheann Tìre gu Am Parbh.

Seo an stòr fiosrachaidh as motha de a leithid am Breatainn, a' toirt a-steach 6,000 uair de thìde de chlàran-fuaime fon uisge agus còrr agus 30,000 clàraidhean de bheathaichean.

Orcan

Gu ruige seo, chaidh 23 gnè de bheathaichean ris an canar cetaceans (mucan-mara, leumadairean agus pèileagan) a chlàradh sna h-uisgeachan seo.

Image copyright Getty Images
Image caption Tha orcan a' fuireach fad na bliadhna ann an uisgeachan a' chost an iar

Fhuaireadh cuideachd gu bheil buidheann de dh' ochd orcan a' tighinn beò san sgìre - an aon fheadhainn a tha a' fuireach fad na bliadhna ann an uisgeachan Bhreatainn.

Canaidh iad Coimhearsnachd a' Chost an Iar riutha ach tha e coltach gun tèid iad à bith taobh a-staigh ginealaich leis nach fhacas rìamh laoigh nan cois.

Sheall an rannsachadh gur e làrach-biadhaidh fìor chudramach do mhucan-mara Minceach agus cearbain.

Àrainneachd na mara

Chleachd rannsachadh an urrais airson a' chiad sgìre glèidhteachais a chomharrachadh do phèileagan agus an sgìre air tè den fheadhainn as cudromaiche san Roinn Eòrpa dha na creutairean.

Image copyright Getty Images
Image caption Tha pailteas bìdh do leithid chearbain sna h-uisgeachan.

Tha mar a tha truailleadh agus fuaim fo-uisge a' toirt buaidh air na cladaichean agus na cuantan cuideachd gan sgrùdadh.

"Tha an rannsachadh seo a' cur ris an eòlas a th' againn air mamalan chuantan a' chost an iar, agus a' toirt dhuinn fiosrachaidh ùir mu mar a tha àrainneachd na mara ag atharrachadh," thuirt an Dtr Lauren Hartny-Mills, Manadsair Poileasaidh agus Saidheans le Urras Mhucan-mara agus Leumadairean a' Chost an Iar.

Leumadairean cumanta

Tha àrdachadh mòr anns an àireamh de leumadairean cumanta a chunnacas.

Dh'fhaodadh gu bheil e a' ciallachadh gu bheil an sàl a' fàs nas blàithe leis gu bheil an creutair seo nas bitheanta ann an uisgeachan nas blàithe.

Tha obair rannsachaidh riatanach, a rèir an urrais, airson sùil a chumail air mar a tha a' mhuir agus na bhios a' tighinn beò innte ag atharrachadh.

Tha a' bhuidheann a-nis a' sireadh dhaoine a bhios deònach a bhith ag obair gu saor-thoileach air bòrd an Silurian ann an 2019.