Rabhadh mu Stoirm Callum

Rabhadh

Tha rabhadh ann do dhaoine a bhith air am faiceall bhon droch shìde ris a bheil dùil air feadh sgìrean den taobh siar Dihaoine.

Tha Comhairle nan Eilean Siar gu sònraichte air iarraidh air daoine a bhith mothachail do Stoirm Callum.

Chaidh rabhadh 'son gaoithe a chur an sàs eadar 3.00m is meadhan-oidhche Dihaoine.

Dh'fhaodadh uspagan a bhith cho àrd ri 80 msu anns na h-Eileanan an Iar.

Còmhdhail

Tha dùil ris an aimsir as miosa feasgar.

Tha buaidh mhòr ann mar-thà air na h-aiseagan is grunn sheirbheisean air an cur dheth gu tur Dihaoine.

Gheibhear am fiosrachadh às ùra bho ChalMac.

Bha Loganair mar-thà air innse gum faigh duine sam bith le ticead leotha Dihaoine cothrom air siubhail àm sam bith anns na seachd là ri tighinn, cho fad 's gu bheil àite air seirbheis eile.

Fiosrachadh

Bu chòir do dhaoine san t-suidheachadh sin fònadh gu Loganair air 0344 800 2855.

Dh'iarr Comhairle nan Eilean Siar air daoine a bhith air am faiceall nuair a tha iad a' siubhail is thuirt iad gum bi iad fhèin a' cumail sùil gheur air rathaidean is cabhsairean.

Tha sgoiltean nan Eilean Siar mar-thà dùinte airson nan làithean-saora, ach tha dùil gum bi na h-uimhir de sheirbheisean eile ann mar as àbhaist.

Dh'innis a' Chomhairle gun sgaoil iad fiosrachadh tron là an seo air an làraich-lìn aca agus air na meadhanan sòisealta.

Tha dùil gun socraich an aimsir mar a thèid an oidhche air adhart.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile