Crìochan còmhdhail sgoil Ghàidhlig a' leudachadh

Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair
Image caption Bha cuid de phàrantan a' faireachdainn gum bu chòir dhan sgìre anns am faigheadh clann còmhdhail sgoile an asgaidh gu Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair a bhith nas fharsainge.

Tha crìochan Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair air atharrachadh, gus am bi cothrom aig barrachd de na sgoilearan còmhdhail sgoile an asgaidh fhaighinn.

Bha Comhairle na Gàidhealtachd air co-luadar a dhèanamh air a' chùis agus dragh air pàrantan mu dhèidhinn.

Bha cuid de phàrantan a' faireachdainn gum bu chòir dhan sgìre anns am faigheadh clann còmhdhail sgoile an asgaidh a bhith nas fharsainge.

Thuirt Ingrid NicEanraig bho Chomhairle nam Pàrant aig Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair gun robh iadsan toilichte nach biodh còmhdhail a-nis na bhacadh air cuid de chloinn bho bhith a' dol dhan sgoil.

"Feumaidh mi aideachadh gu bheil sinn gu math toilichte leis an rannsachadh a tha iad air a bhith a' dèanamh.

"Bha sinn a' gearan aig an toiseach nach robh Inbhir Garadh san sgìre o chionn 's gun robh Inbhir Garadh anns an sgìre aig Àrd-sgoil Loch Abair, agus sin an seòrsa chrìochan a bha sinn ag iarraigh 'son nam bun-sgoiltean cuideachd.

"Agus tha Comhairle na Gàidhealtachd air a bhith a' cantainn gu bheil daoine ann an sgìre Ghleann Chomhann cuideachd - sin trioblaid a bha a' cur oirnn cuideachd mu dheidhinn sgìre Ghleann Chomhann, gum biodh iadsan a' faighinn a-staigh gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Ach tha iad ag ràdh ma tha pàranatan a' faighneachd air a shon nach bi trioblaidean ann", thuirt i.