Maoimean-slèibhe eile aig an Rest

A83 Image copyright Bear Alba
Image caption 'S e seo an suidheachadh aig an Rest and Be Thankful Dihaoine.

Thàinig e am bàrr gun robh barrachd mhaoimean-slèibhe beaga ann aig an Rest and Be Thankful an Earra-Ghàidheal.

Tha seo a' ciallachadh nach fhosgail seann rathad an airm air neo an A83 idir thairis air an deireadh-sheachdain.

Chaidh obair a dhèanamh tron t-seachdain gus trì bulbhagan mòra a bha os cionn an A83 a sprèidheadh nam pìosan beaga.

Bha dragh ann mu na bulbhagan às dèidh maoim-slèibhe tràth Dimàirt, a dh'fhàg an A83 dùinte.

Shoirbhich leis an obair, ach sheall sgrùdadh madainn Dihaoine gun robh maoimean-slèibhe beaga eile air a bhith ann is uisge gu math trom a' bualadh air an sgìre.

Thàing mu 300 tunna de spruilleach ùr a-nuas air an A83 is mu 50 tunna air seann rathad an airm.

Bha dòchas ann gur dòcha gum fosgladh an t-slighe èiginn, sean-rathad an airm, Dihaoine.

Tha feum a-nise air sgrùdadh ùr air cliathach na beinne is obair-sgioblachaidh a bharrachd.

Thuirt Bear Alba gu bheil iad ag obair gun sguir is gum fosgail iad seann rathad an airm cho luath 's a tha e comasach dhaibh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile