Stiùbhartach Chill Mhàillidh

Iain Stiùbhart Image copyright SNS

Tha Cill Mhàillidh air Iain Stiùbhart ainmeachadh mar mhanaidsear ùr na ciad sgioba.

Thèid e an àite Mark Mhic a' Phearsain.

Dh'fhàg Mac a' Phearsain an dreuchd às dèidh do Chill Mhàillidh a stiùireadh air ais dhan Phrìomh Lìog am-bliadhna.

Thàinig iad glè fhaisg air a' chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd a ruighinn cuideachd, a' call ri Baile Ùr an t-Slèibh air slaicean-peanais.

Ach thuirt Mac a' Phearsain gun robh e den bheachd, às dèidh ceithir bliadhna aig an stiùir, gun robh e air Cille Mhàillidh a thoirt cho fada 's a b'urrainn dha, is gun robh an t-àm ann cothrom a thoirt do chuideigin eile an sgioba a thoirt suas ìre eile.

Tha Iain Stiùbhart ag ràdh gu bheil e air bhioran an dùbhlan sin a ghabhail os làimhe.

Eòlas

Bha an Stiùbhartach a' cluich do Chill Mhàillidh fad iomadh bliadhna is air Alba a riochdachadh cuideachd.

"'S e urram a tha seo dhomh is 's e rud a th' ann a bha mi 'son dèanamh às dèidh dhomh sguir a chluich", thuirt Iain Stiùbhart.

"Ghabh mi bliadhna dheth nuair a chuir mi cùl, mu dheireadh thall, ri cluich ann an 2017. Tha mi a-nise a' faireachdainn deiseil airson an dùbhlain ùir a tha seo.

"Tha Mark air an sgioba fhàgail ann am fìor dheagh òrdugh is bruidhnnidh mi ris anns na seachainean ri tighinn", thuirt e.

Chluich Iain Stiùbhart ann an sgiobaidhean Chill Mhàillidh thar nam bliadhnaichean a chaidh suas dhan Phrìomh Lìog is air ais sìos.

Thuirt e gun do thuit Cill Mhàillidh air ais ro thric às dèidh dhaibh a dhol suas, is mar sin gur e fuireach sa Phrìomh Lìog am prìomh amas a th' aige 'son 2019.

Àrdìre

"Bidh e doirbh sa Phrìomh Lìog ach 's e dùbhlan a bhios ann a chòrdas rinn.

"Tha an sgioba air sealtainn anns na cupanan gun urrainn dhaibh ceann a' mhaide a chumail ri sgiobaidhean bhon Phrìomh Lìog.

"'S e an rud a tha a dhìth oirnn a bhith aig an ìre sin seachdain gu seachdain. Mar a chluich na balaich an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh, chuireadh sin sinn aig ìre gu math àrd", thuirt e.

Dh'innis Iain Stiùbhart gun robh e 'son an naidheachd seo a sgaoileadh cho tràth 's a ghabhas gus am bi e follaiseach dha na cluicheadairean aig Cill Mhàillidh gu bheilear mar-thà a' coimhead ris an t-seusan ùr.

Thuirt e cuideachd gu bheil e 'son coidse a thoirt a-steach gus taic a chumail ris.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile