Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Dàmhair 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Sràid Dhowning gun lean Theresa May oirre, ma 's e agus gum fuirich Breatainn ann an aonadh cuspainn leis an Aonadh Eòrpach an dèidh Brexit, ag iarraidh crìoch air dè cho fad 's a mhaireas an t-aonta sin. Sin an t-aonta a bhitheas ann mura tig an dà thaobh gu rèit air malairt. Tha e coltach gu bheil feadhainn anns a' chaibineat gu math mì-thoilichte le sin ge-tà agus gu bheil dragh orra gun cuireadh e stad air malairt ri dùthchannan eile.

Pàirtean bodhaige

Chuir a' chompanaidh a tha fo rannschadh eucoir mun dòigh san do làimhsich iad sgudal mediceach dìon orra fhèin. Thuirt Garry Pettigrew, àrd-stiùiriche Healthcare Environmental Services a tha stèidhichte ann an Siorrachd Lannraig, gur e cion àite aig na h-ionadan losgaidh a bha iad a' cleachdadh as coireach gun tàinig orra sgudal a stòradh. Chaidh e às àicheadh cuideachd gun robh pàirtean bodhaige sa sgudal sin.

Sports Direct

Tha Sports Direct a' ceannach togalach ainmeil House of Fraser ann an Glaschu bho chomhairle a' bhaile air £95m. Cheannaich Sports Direct House of Fraser a-mach à rianachd san Lunasdail. Thuirt a' chompanaidh gun glèidh an t-aonta seo 800 cosnadh.

Maoim-slèibhe

Tha tuilleadh poll agus creagan air tuiteam aig an Rest and be Thankful air rathad an A83 ann an Earra-Ghàidheal a tha air a bhith dùinte bho bha maoim-slèibhe nas motha ann Dimàirt. Thuirt Bear Alba gu bheil sin a' ciallachadh nach urrainn dhaibh seann rathad an airm fhosgladh, mar a bha dùil aca, gus am bi iad cinnteach gu bheil e sàbhailte sin a dhèanamh.

Gàidhlig Loch Abair

Tha cothrom aig tuilleadh chloinne ann an Loch Abar air còmhdhail an asgaidh gu bun-sgoil Ghàidhlig na sgìre leis gu bheil crìochan na sgoile air atharrachadh. Thuirt Ingrid NicEanraig bho Chomhairle nam Pàrant aig Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abair gu bheil iad toilichte nach eil siubhal a' cur bacadh tuilleadh air duine bho àite ann am foghlam Gàidhlig.

Mòd 2018

Tha Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna a' fosgladh a-nochd ann an Dùn Omhain. Tha ceist ann, ge-tà, am bi a' chaismeachd ann tron bhaile ri linn na droch shìde.