Ulaidhean Gàidhealach aig an V&A

Tha cuid de dh'ulaidhean bhon Ghàidhealtachd gan taisbeanadh aig taigh-tasgaidh ùr V&A ann an Dùn Dè.

Dh'fhosgail an V&A, a chosg £80m, air a' mhìos seo chaidh.

Bràist Image copyright Ewen Weatherspoon

Tha còrr is 100,000 duine air tadhal air mar-thà.

Tha ochd gnothaichean uile gu lèir bho na cruinneachaidhean aig Taigh-Tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd is Taigh-Tasgaidh Inbhir Nis a-nise air iasad ann an Dùn Dè.

Mòlltair Image copyright Ewen Weatherspoon

Nam measg, tha plaide clòimhe a rinneadh ann an Leòdhas san 1830an, bràiste a rinn luchd-taisteil air a' Chomraich san 19mh linn, agus cuach airgid a rinn Tòmas Borthwick ann an Inbhir Nis timcheall air 1780.

Thuirt Helen Pickles, a bha roimhe ag obair aig Taigh-Tasgaidh Sluagh na Gàidhealtachd is tha a-nise na pàirt de sgioba nan taisbeanaidhean aig an V&A, gu bheil i air a dòigh na h-ulaidhean às a' Ghàidhealtachd fhaicinn san taigh-tasgaidh ùr.

Crannan Image copyright Ewen Weatherspoon

Tha na gnothaichean a' nochdadh ann an taisbeanadh mu rudan a chaidh a dhealbh ann an Alba.

Tha am V&A ag amas air 500,000 duine a thàladh sa chiad bhliadhna.

Còirichean nan dealbhan uile glèite.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile