Leathaidean tioram air an diùltadh

Leathad sgìthidh tioram

Chaidh planaichean airson leathaidean sgìthidh tioram a leasachadh air a' Chàrn Ghorm a dhiùltadh.

Bha a' bhuidheann Natural Retreats, a tha a' ruith ghnothaichean aig a' Chàrn Ghorm, airson dà leathad sgìthidh thioram a thogail.

Bhiodh fear aca airson daoine a tha ag ionnsachadh agus am fear eile airson feadhainn a tha an ìre mhath eòlach air sgìtheadh.

Bhiodh iad faisg air bun-stèisean na rèile-beinne, nach eil a' dol an-dràsta air sgàth dhraghan mu shàbhailteachd.

Bha oifigearan na pàirce nàiseanta a' moladh cead a thoirt do na planaichean.

Sealladh

Ach aig coinneimh de Chomataidh Dealbhachaidh Ughdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh Dihaoine, chaidh na planaichean a dhiùltadh.

Tha e coltach gun robh draghan ann mun bhuaidh air coltas an àite, am measg eile.

Thuirt HIE nach e seo an co-dhùnadh a bha an fheadhainn a tha a' ruith Beinn a' Chàirn Ghuirm ag iarraidh, ach gun lean oidhirpean gus barrachd luchd-turais a thàladh dhan sgìre.

Thuirt iad gu bheil ath-sgrùdadh a dh'iarr iad air bun-structar an ionaid gus a bhith deiseil an ceartuair is gun tig sreath de roghainnean às a thaobh mar bu chòir goireasan a leasachadh.

Dh'innis iad gu bheil mar a chumas iad taic ri sgìtheadh aig a' ghoireas air a' gheamhradh seo fhèin na phrìomhachas dhaibh an-dràsta.

Thuirt Natural Retreats gur e briseadh-dùil a th' ann dhaibh is gum feum iad beachdachadh às ùr air an t-suidheachadh a th' aca.

Tuilleadh air an sgeulachd seo