Sgioba òg na h-Alba
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Comann na Camanachd a' bhuidheann a bhios a' riochdachadh na h-Alba aig Ìre Fo 21 an aghaidh na h-Èireann.
Bidh an geama ann aig Ionad Leasachaidh nan Geamaichean Nàiseanta ann am Baile Átha Cliath Disathairne aig 2f.
Bidh na h-Albannaich òga ag amas air cur ri cho math 's a rinn na sgiobaidhean eile an aghaidh nan Èireannach aig Pàirc a' Bhucht bho chionn seachdain.
Rinn boireannaich na h-Alba a' chùis air Baile Átha Cliath 13-2, is na fireannaich an uairsin a' soirbheachadh 14-12 an aghaidh sgioba na h-Èireann.
Tha buidheann òg na h-Alba mar a leanas:
Scott MacLachlainn - Inbhir Aora
Lachlann Mac a' Ghobhainn - Gleann Urchadain
Ruairidh MacEachainn - Ceann a' Ghiuthsaich
Daniel Sloss - Camanachd an Òbain
Raibeart Mabon - Ceann a' Ghiùthsaich
Craig Ritchie - Baile Ùr an t-Slèibh
Blair Moireasdan - Cabair Fèidh (Sgiobair)
Iain Richardsan - Baile Ùr an t-Slèibh
Ross MacMhaoilein - Celtic an Òbain
Iain MacIllÌosa - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Calum Grannd - Ceann a' Ghiùthsaich
Danny Kelly - Lòbhat
Seonaidh MacAsgaill - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal
Calum Shepherd - An Gearasdan
Innes Blackhall - Cill Mhàillidh
Will Cowie - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Alasdair MacMhaoilein - An Gearasdan
Fionnlagh Dòmhnallach - Loch Abar
Iain Robinson - Baile Ùr an t-Slèibh
Roddy Young - Ceann a' Ghiùthsaich
'S e Archie Ritchie an rèitire a bhios ann.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 22 An Dàmhair 2018