Bun-Sgoil Shròin an t-Sìthein fosgailte
- Published
Dh'fhosgail a' chiad bhun-sgoil air Ghàidhealtachd a chaidh a thogail leis a' choimhearsnachd do sgoilearan Dimàirt.
'S iad coimhearsnachd Shròin an t-Sìthein, anns a' Mhorbhairne, a thog an sgoil, leis gun robh seann sgoil a' bhaile ann am fìor dhroch staid.
Tha mu 30 duine-cloinne a' dol dhan sgoil.
Chaidh còrr air £900,000 a chruinneachadh uile gu lèir le coimhearsnachd na sgìre eadar earrainnean coimhearsnachd agus grantaichean.
Gheall Comhairle na Gàidhealtachd leasachaidhean a dhèanamh air an sgoil a bh' ann, mus do roghnaich a' choimhearsnachd sgoil a thogail iad fhèin.
Chaidh an sgoil a dhealbhachadh ann an dòigh agus gum b' urrainnear taighean a dhèanamh dheth ma 's e 's nach biodh feum air an togalach mar sgoil san àm ri teachd.
Chaidh crìoch a chur air an sgoil ùir air a' mhios seo chaidh, agus dh'fhosgail i do na sgoilearan Dimàirt.