Barrachd eileanach ann an cruadal

Airgead Image copyright PA

Thàinig e am follais gun do dh'iarr an leth uimhir a-rithist de dhaoine sna h-Eileanan Siar taic-airgid èiginneach am-bliadhna seach an-uiridh.

Fhuair 30 duine a bharrachd anns na h-Eileanan airgead bho Urras Maith na h-Alba am-bliadhna.

Tha a' mhaoin aig Riaghaltas na h-Alba ri fhaotainn dhaibhsan a tha an impis an dachaigh a chall neo air a bheil cion airgid.

Shelter

'S ann sna h-Eileanan an Iar a bu mhotha a thàinig àrdachadh air an àireamh.

Sa bhitheantas tha airgead ga thoirt seachad ma tha cunnart ann gun caill daoine an dachaigh, airson taic a thoirt gus taigh a chumail blàth, neo airson àite-còmhnaidh freagarrach a lorg dhaibh.

Tha a' bhuidheann-charthannais, Shelter, ag ràdh gu bheil a' mhaoin riatanach do dhaoine a tha ann an staing.

Taighean falamh

Tha ionad ann an Steòrnabhagh do dhaoine aig nach eil dachaigh far am bi daoine 'son ùine ghoirid fhad 's a tha iad a' feitheamh airson taighe.

Thuirt Kenny John MacLeòid, Cathraiche Comataidh nan Coimhearsnachdan agus an Taigheadais aig Comhairle nan Eilean Siar, gu bheil an t-àrdachadh na iongnadh, agus gu bheil e eagallach.

"Bidh sinn a' cluinntinn nan duilgheadasan a th' aig daoine, gu h-àraid ann an sgìrean far an deach an Creideas Coitcheann a chur a-mach, agus gu bheil ùine mì-choltach fada aig daoine ri feitheamh airson an taic fhaighinn, agus tha fios gu bheil sin a' dèanamh duilgheadais do dhaoine aig nach eil ach glè bheag de dh'airgead a' tighinn a-steach dha na dachaighean aca," thuirt e.

Bidh oifigear ùr ag obair aig an ùghdarras ionadail airson bliadhna a choimheadas air na duilgheadasan an cois dìth thaigheadais, agus an dòigh as fhèarr feum a chur air taighean falamh san sgìre.