Cainnt nan Leòdhasach ga rannsachadh

Dealbh ultrasound
Image caption Bithear a' clàradh fhaclan Gàidhlig cumanta.

Tha daoine a bhuineas do Leòdhas agus aig a bheil a' Ghàidhlig bho thùs gan lorg airson cuideachadh le obair rannsachaidh sgoilearach.

Tha sgioba bho Oilthigh Lancaster air an eilean an-dràsta agus a' toirt cuireadh do dhaoine tadhal orra aig Ionad na Drochaid ann an Ceann a' Bhàigh ann an Steòrnabhagh.

Cleachdaidh iad teicneòlas ultrasound airson coimhead air mar a bhios Leòdhasaich a' cruthachadh fhaclan Gàidhlig.

'S e amas na h-obrach gum bi taic a bharrachd ann do luchd-ionnsachaidh, luchd-teagaisg agus dhan fheadhainn aig a bheil trioblaidean labhairt.

Teangannan na Gàidhlig

'S e Teangannan na Gàidhlig ainm a' phròiseict.

Tha iad a' coimhead airson daoine a tha fileanta sa Ghàidhlig agus nas sine na 15 bliadhna de dh' aois a bhios deònach liosta de dh' fhaclan Gàidhlig cumanta a leughadh a-mach dhaibh.

Clàraidh iad na guthan agus bheir iad dealbh ultrasound cuideachd den bheul agus den teanga feuch mar a tha na faclan gan cruthachadh.

Image caption Tha barrachd ùidh aca ann an cuid a litrichean seach feadhainn eile.

Goireasan teagaisg

'S i an Dtr Claire Nance tè den luchd-rannsachaidh agus tha i fhèin air a' Ghàidhlig ionnsachadh.

Thuirt i gu bheil ùidh shònraichte aca san dòigh a bhios Leòdhasaich a' fuaimneachadh nan litrichean l, r agus n leis gu bheil iad glè eadar-dheallaichte seach a' Bheurla.

"Bidh sinn a' dèanamh rannsachaidh airson daoine a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig agus tidsearan air ciamar a tha daoine a' dèanamh nam fuaimean", thuirt i.

Bheir an sgrudadh air na clàraidhean agus na dealbhan ultrasound bliadhna neo dhà ach tha iad an dochas gum biodh bhideòthan agus goireasan ùra ann do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ron t-samhradh an ath-bhliadhna.