Dìon air spòrs gheamhraidh a' Chùirn Ghuirm

Rèile-beinne a' Chùirn Ghuirm Image copyright Getty Images
Image caption Rabhadh ann gum bi an trèana na thàmh fad a' Gheamhraidh.

Tha a h-uile coltas ann nach fhosgail an rèile-beinne a tha a' dol gu mullach a' Chùirn Ghuirm fad an t-seusain as trainge aca.

Tha an rèile dùinte agus obair-càraidh a dhìth air.

Tha cothrom gu bhith aig luchd-sgìthidh agus eile a dhol an sàs ann an spòrs thar a' Gheamhraidh ge-tà.

Dh'fhoillsich Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, leis a bheil an t-ionad, gun cosg iad £1m air uidheamachd a nì sneachda air iochdar na beinne.

Sgàineadh

Tha rèile-beinne a' Chùirn Ghuirm a' toirt nam mìltean mòra gu mullach na beinne gach bliadhna.

Ach tha an rèile air a bhith dùinte timcheall air mìos a-niste, air sgàth sgàineadh anns na puist a tha a' cumail na rèile suas.

Bidh an Dùbhlachd ann mus fhaigh iad a-mach dè tha luchd-einnsinìridh a' moladh a thaobh sin.

Tha am £1m bho HIE a' ciallachadh ge-tà, gun tèid raontean sneachda a dhèanamh air a' chuid ìosal den bheinn do luchd-sgìthidh 's bùird-shneachda.