County far a' mhullaich

Iain Vigurs Image copyright SNS
Image caption Iain Vigurs air a dhòigh is e air puing a ghlèidheadh do Ross County.

Thuit Ross County dhan dàrna àite san Championship às dèidh dhaibh crìochnachadh co-ionnan ris an Eaglais Bhric oidhche Mhàirt.

Ged a bha an lìog air fad eadar an dà sgioba a' dol a-steach dhan gheama, chaidh an Eaglais Bhreac air thoiseach nuair a chuir Don Cowie am ball dhan lìon aige fhèin às dèidh 26 mionaidean.

Bha sreath de chothroman aig na Staggies às dèidh sin is mu dheireadh thall thàinig an tadhal air an robh iad airidh le dusan mionaid air fhàgail, tadhal air leth bho Iain Vigurs.

Cha robh an còrr thadhal ann is chrìochnaich na sgiobaidhean co-ionann 1-1.

Ghabh Ayr United brath air an t-suidheachadh is iad a' soirbheachadh 3-0 an aghaidh Alloa Dimàirt gus leum os cionn Chounty.

Sreath

Air a' Ghàidhealtachd fhèin, thàinig Caley Thistle tro gheama eile gun chall is iad a' crìochnachadh 2-2 an aghaidh Dhùn Phàrlainn an Inbhir Nis.

Bha sgioba Fìobha air thoiseach dà thuras tro Aidan Keena is ICT a' freagairt le tadhail bho Riccardo Calder is Jordan White.

Thàinig na tadhail air fad sa chiad leth.

Tha Inbhir Nis a-nise air a dhol 22 gheama lìge gun chall ach tha draghan a' leantainn mu cho tric 's a tha iad co-ionnan.

Gu dearbha, b' e oidhche Mhàirt an siathamh geama lìge aca ann an sreath anns an do chrìochnaich iad co-ionnan.

Bidh aca ri barrachd de na geamaichean seo a bhuannachadh ma tha iad gus ceann a' mhaide a chumail ris na sgiobaidhean aig a' mhullach.