70,000 seirbheis aiseig dheth no air dheireadh

MV Caledonian Isles
Image caption 'S e an t-seirbheis eadar Àird Rosain agus Eilean Arainn a bu thrice a bha dheth no le dàil.

Chaidh fhàgail air Riaghaltas na h-Alba nach eil iad a' frithealadh fheumalachdan nan coimhearsnachdan eileanach, agus 70,000 seirbheis aiseig air a' Chosta an Iar le dàil neo air an cur dheth bho 2007.

Tha Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba ag ràdh gur e fìor dhroch shamhradh a bh' ann do sheirbheisean aiseig a' Chosta an Iar, a th' air an ruith le Caldeonian Mac a' Bhriuthainn.

Chleachd am Pàrtaidh Tòraidheach Achd Saorsa an Fhiosrachaidh airson na figearan fhaighinn,

Tha seo a gabhail a-steach 29 seirbheis aiseig air a' Chosta an Iar.

Tha am pàrtaidh ag innse gun robh na bu lugha na dàrna leth de na seirbheisean le dàil, agus an còrr - faisg air 40,000 seirbheis - air an cur dheth buileach glan.

Sa chumantas, bha faisg air 120 seirbheis san t-seachdain air an cur dheth neo le dàil.

A rèir nam figearan, 's e an t-seirbehis aiseig eadar Àird Rosain agus Eilean Arainn an tè a bu mhiosa.

Thèid deasbad a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba air seirbheis agus suidheachadh nan aiseagan Diciadain.

Tha Seumas Greene bhon Phàrtaidh Thòraidheach ag ràdh gur e cion airgid a bu choireach.

Thuirt fear-labhairt bhon Riaghaltas gu bheil iad air còrr 's £1bn a chosg air seirbheisean aiseig a' Chosta an Iar thairis air an deich bliadhna a chaidh seachad.