Co-dhùnadh Sealladh na Beinne Mòire "ceàrr"

Cùirt an t-Seisein Image copyright Kim Traynor/Geograph

Dh'fhoillsich fear de stiùirichean Stòras Uibhist gu bheil Cùirt an t-Seisein air riaghladh an aghaidh chathraiche agus stiùirichean Sealladh na Beinne Mòire a bh' air bhòtadh esan a chur às a dhreuchd rè ùine aig toiseach na mìos.

Bhòt iad gus Aonghas Mac'illeMhaoil a chur às an dreuchd fhad 's a bhathar a' rannsachadh chasaidean de ghiùlain mì-iomchaidh.

Aig coinneimh de bhòrd Sealladh na Beinne Mòire toiseach an Damhair, bhòt buill a' bhùird gu h-aona-ghuthach, aon stiùiriche a chur às a dhreuchd re ùine, às dèidh dol a-mach mì-iomchaidh, agus chaidh rannsachadh a chur air bhonn.

Tha e a-nis air tighinn am bàrr gur e seann chathraiche a' bhùird, Aonghas Mac'illeMhaoil, an stiùiriche sin.

Ann am brath-naidheachd a dh'fhoillsich e Dimàirt, tha Mgr Mac'illeMhaoil ag ràdh gun tuirt a' Chùirt nach eil còir aig na stiùirichean stad a chur air bho bhith a' coileanadh a dhreuchd-san mar stiùiriche.

Thuirt cathraiche a' bhùird, Màiri Schmoller, nach deadh aca air sian a ràdh air sàileabh 's gu bheil a' chùis a-nis ann an làmhan nan cùirtean.