Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

31 An Dàmhair 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pagastan

Tha an Àrd-Chùirt ann am Pagastan air cur às don cho-dhùnadh aca boireannach Chrìosdaidh a dhìteadh agus binn bàis a chur oirre airson toibheum. Tha britheamhan air riaghladh gum bu chòir do Aasia Bibi a bhith air an leigeil a-mach às a' phrìosan, às dèidh cha mhòr dèich bliadhna. Dh'adhbhraich a' chùis seo sgaradh mòr ann am Pagasatan, agus chaidh an neach-poileataigs Salman Taseer a mhurt ann an 2011 às dèidh dha taic a nochdadh dhi.

Lion Air

Tha a' chompanaidh adhair Lion Air air an Stiùiriche Teichnigeach aca a chur às a dhreuchd, às dèidh mar a thàinig fear de na h-itealain aca a-nuas Diluain, le 189 duine air bòrd. Thuirt a' chompanaidh gun deach iarraidh orra seo a dhèanamh le Minstrealachd Còmhdail Indonèisia. Dh'aidich Stiùiriche na companaidh gun robh trioblaidean aig an dearbh itealan seo, Boeing a 737, roimhe.

Cruadal

Thàinig àrdachadh 57% air an àireamh dhaoine às na h-Eileanan Siar a th' air fios a chur air an Riaghaltas agus iad a' feumachdainn taic-airgid èiginnich agus iad ann an cruaidh-chàs. A rèir rannsachaidh a rinn a' bhuidheann charthannais, Shelter, bha 30 duine a bharrachd a' cur feum air taic-airgid bho Urras Maith na h-Alba am-bliadhna, an taca ris a' bhliadhna an-uiridh.

Luchd-àrachais

Tha buidheann-faire an ionmhais air rannsachadh a thòiseachdainn mun dòigh sa bheil cuid de chompanaidhean àrachais ag iarraidh barrachd airgid bhon luchd-cleachdaidh stèidhichte aca, an taca ri daoine a tha a' dol thuca 'son a' chiad uair. Tha an FCA air litir a chur gu ruige cheannardan nan companaidhean agus iad air rabhadh a thoirt seachad gun dèan iad ruideigin mu dheidhinn mura tèid dèiligeadh ri luchd-cleachdaidh san fharsainneachd gu cothromach.

Seirbheisean Aiseig

Chan eil Riaghaltas na h-Alba a' frithealadh choimhearsnachdan nan eilean, a rèir Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba. Tha seo a' tighinn agus figearan ùra a' sealltainn gun robh trì fichead 's a deich mìle seirbheis aiseig aig CalMac air an cur dheth, no le dàil, bho dhà mhìle sa seachd. Thuirt fear-labhairt do Riaghaltas na h-Alba ge-tà, gu bheil iad air còrr air billean Not a chosg air na seirbheisean aiseig sna deich bliadhna mu dheireadh.

Sealladh na Beinne Mòire

Dh'fhoillsich fear de stiùirichean Stòras Uibhist, Aonghas Mac'illeMhaoil, gu bheil Cùirt an t-Seisein air riaghladh an aghaidh chatharaiche agus stiùirichean Sealladh na Beinne Mòire, dham buin Stòras Uibhist, a bh' air bhòtadh esan a chur às a dhreuchd rè ùine fhad 's a bhathas a' rannsachadh chasaidean de ghiùlain mhì-iomchaidh. Thuirt Mgr Mac'illeMhaoil gun deach a ràdh sa chùirt nach eil còir aig stiùirichean Sealladh na Beinne Mòire stad a chur air bho bhith a' coileanadh a dhreuchd mar stiùiriche. Thuirt Cathraiche a' bhùird, Màiri Schmoller, nach tèid aca air càil a ràdh air sàileabh 's gu bheil a' chùis ann an làmhan nan cùirtean.